FREE BOOKS

Author's List




PREV.   NEXT  
|<   20   21   22   23   24   25   26   27   28   29   30   31   32   33   34   35   36   37   38   39   40   41   42   43   44  
45   46   47   48   49   >>  
an t-aog ort mas d' thainig aois ort, A ghnuis bha faoilteach air chaochladh snuaidh. Bha do shnuadh cho aillidh 's nach fhaodainn s' aireamh, Mar ros a gharaidh ri maduinn dhriuchd, Bu chuachach, faineach, do ghruag an caradh-- Mar theudan clarsaich an' inneal ciuil Do ghruaidh dhearg dhathte, do shuil mar dhearcag, Fuidh ghnuis na maise bu tapaidh surd Rasg aotram, geanach, bho 'm b'fhaoilteach sealladh Beul muirneach tairis, 's deud thana dhluth. O! 's dluth bha buaidhean a stri mu'n cuairt duit, Cha b' eol dhomh suairceas nach robh 'do chre Bha thu ciallach, narach, 's tu briathrach, pairteach, 'S tu rianail, daimheil, ri d' chairdean fhein: Bu tu firean, fallain, bha rioghail, geanach, 'Sa leoghann tapaidh bu ghlaine beus; Bhiodh min 'us gairg' air, bhiodh sith 'us fearg air, Nuair chit' air falbh e bhiodh colg na cheum. Se do cheum bu bhrisge 's bu shubailt iosgaid, Bha moran ghibhtean ri d' leasraidh fuaight. Bu tu glas nan Gaidheal, bho mhuir gu braighe Gu crioch Chinntaile 's na tha bho thuath. O! 's lionmhor oigfhear tha 'n diugh gu bronach A fasgadh dhorn, 'us ruith-dheoir le ghruaidh, 'Bhiodh dana, sgaiteach, gun sgath gun ghealtachd, Na 'm bu namhaid pears' bheireadh Eachainn bh' uainn. Bha thu mor an onair, bu mhor do mholadh, Bu mhor do shonas, 's tu gun dolaidh gibht' Bu mhor a b'fhiach thu, bu mhor do riaghailt, Bu mhor do mhiagh ann an ciall 's an tuigs', Bu mhor do churam, bu mhor do chuisean, Bu mhor do chliu ann an cuirt 'sa meas, Bu mhor do stata, 's bu mhor do nadur, 'S cha mhor nach d'fhag thu na Gaidheil brist'. O! 's priseil, laidir, a ghibhte 'dh-fhag sinn-- 'S mios'da Ghaeltachd bas an t-seoid, Tha Mhachair tursach bho n' chaidh an uir ort, 'S tu dh-fhuasgladh cuis do gach cuirt mu bhord, Bha 'Ghalldachd deurach ri cainnt ma d' dheighinn, Gu ruig Dun-eidin nan steud 's nan cleoc, 'S cha ghabhainn gealtachd, air son a chantuinn, Gur call do Bhreatuinn nach eil thu beo. 'S tu chraobh a b'aillidh bha 'n tus a gharaidh 'S i ur a fas ann fuidh bhlath 's fuidh dhos, O! 's truagh a dh-fhag thu ma thuath na Gaidheil Mar uain gun mhathair ni'n sgath ri frois, 'S tu b'urr' an tearnadh bho chunnart gabhaidh, 'S an curaidh laidir, chuireadh spairn na tost, Tha 'n tuath gu craiteach, 's na h-ua
PREV.   NEXT  
|<   20   21   22   23   24   25   26   27   28   29   30   31   32   33   34   35   36   37   38   39   40   41   42   43   44  
45   46   47   48   49   >>  



Top keywords:

geanach

 

tapaidh

 

Bhiodh

 

bhiodh

 

Gaidheil

 

laidir

 

ghruaidh

 

ghnuis

 

gharaidh

 
aillidh

thuath

 
bheireadh
 
Eachainn
 

namhaid

 
priseil
 

sgaiteach

 

ghealtachd

 

ghibhte

 
shonas
 

mholadh


dolaidh

 

riaghailt

 

mhiagh

 
churam
 
chuisean
 

fhiach

 

cainnt

 

truagh

 

mhathair

 

bhlath


chraobh

 
craiteach
 

spairn

 

chuireadh

 

tearnadh

 

chunnart

 

gabhaidh

 

curaidh

 
Bhreatuinn
 

Ghalldachd


deurach
 
fhuasgladh
 

Mhachair

 

tursach

 

chaidh

 

dheighinn

 

gealtachd

 
chantuinn
 

ghabhainn

 
Ghaeltachd